Bun-Smuain

Thathas a’ tòiseachadh aig beul na h-oidhche, a’ treòrachadh an luchd-amhairc tron oidhche gu camhanaich tro òrain, iarmailt is oideachas. Tha an reul-bhrat air a’ cùl an stèids a’ toirt cothrom seallaidhean iomchaidh a dhealbh airson gach ceum air an t-slighe – grian, gealach, reul is eile. A-measg na tha ri chluinntinn sa cheòl san fhuaim-cuartach, bidh eòlas an t-seann shaoghail Cheiltich, cuid bho linn nas tràithe nan eaglais Chriosdaidh; ceòl is òrain traidiseanta aig a bheil dàimh ris na speuran; agus ceòl is òrain ùra a’ togail air seallaidhean na h-oidhche, agus speuradaireachd an latha an-diugh is an-dè. Nìthear luaidh air òrain an dualchais a th’ ann agus bidh an cuartachadh-fuaim na mheadhan iomchaidh airson ceòl ùr a’ dùsgadh as na speuran ’s na reultan.